Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seòmar-taisbeanaidh Bhòrd an Dealain-uisge, Port Rìgh
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_15_002B
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9200
KEYWORDS
dealan-uisge
uidheam
seomar-taisbeanaidh
Port Righ
taisbeanaidhean
Baintighearna NicDhomhnaill
Torcail MacNeacail
Hydro-Electric Showroom in Portree

Anns an òraid aige aig fosgladh stèisean cumhachd Lochan an Stòir ann an 1952, thug Tom MacIain fa-near gun robh 850 taigh deiseil airson dealan a bhith aca agus thuirt e gun robh e den bheachd gum biodh dealan aig 2500 ro dheireadh 1953. Stèidhich Bòrd an Dealain-uisge seòmar-taisbeanaidh ann am Port Rìgh nuair a thàinig dealan don Eilean Sgitheanach. Chithear an seòmar-taisbeanaidh agus an uidheam a bha ri fhaighinn ann san dealbh seo. Bha prìomh àite aig cucairean sa bhùth a chionn 's gun robh iad gu math mòr-chòrdte mar dhòigh gus ùine a shàbhaladh. Bhiodh a' bhùth a' reic bathar eile co-cheangailte ris na cucairean cuideachd.

Bha fuaradairean gan taisbeanadh cuideachd ach, aig an àm seo, bha iad ro dhaor airson a bhith aig mòran daoine. Bha uidheam nas lugha ann cuideachd, leithid choireachan, lampaichean agus solais. A bharrachd air seòmar-taisbeanaidh a bhith aca, bhiodh Bòrd an Dealain-uisge a' cur thaisbeanaidhean air dòigh ann an tallachan ionadail far an rachadh uidheam, an dà chuid beag is mòr, a thaisbeanadh. Bhiodh daoine ann cuideachd airson sealltainn mar a rachadh an t-uidheam a chleachdadh san dòigh as fheàrr gus tìde agus saothair a shàbhaladh. Thug pàipear-ionadail an Eilean Sgitheanaich, an Clarion, iomradh air taisbeanadh mar seo a chaidh a chumail anns an Talla Chruinneachaidh ann am Port Rìgh, far an deach am fosgladh oifigeil a dhèanamh 'in a most charming manner.. as a very practical housewife' leis a' Bhaintighearna NicDhòmhnaill.

Bha pròiseact Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba airson sgìre Loch Aillse stèidhichte ann an Drochaid Nosdaidh, sia mìle bho Chaol Loch Aillse. Thòisich an obair ann an 1946 às dèidh tachartas sònraichte gus a' chiad pòla dealain a chur suas sa Chèitean, agus thòisich an stèisean air dealan a chruthachadh ann an 1948. Bha dà dham anns na planaichean tùsail ach fhuaireadh a-mach nach robh an talamh freagarrach airson seo agus chaidh aon dam a thogail air Allt Gleann Udalain. Chaidh an loch-tasgaidh, dam agus stèisean cumhachd a thogail aig an aon àm ris an lìonra sgaoilidh dealain. Chaidh càballan fo-uisge thairis air Loch Dubhthaich, Loch Long, Loch Carrann agus Loch Aillse a thogail aig an aon àm cuideachd.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le Tòmas MacIain ann an Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus na cosgaisean gus an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan.

Bhathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a rachadh a reic air a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seòmar-taisbeanaidh Bhòrd an Dealain-uisge, Port Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

dealan-uisge; uidheam; seomar-taisbeanaidh; Port Righ; taisbeanaidhean; Baintighearna NicDhomhnaill; Torcail MacNeacail

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive