Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach Seòmar-taisbeanaidh Bhòrd an Dealain-uisge, Port Rìgh
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_15_003
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9201
KEYWORDS
dealan-uisge
uidheam
seomar-taisbeanaidh
Port Righ
Hydro-Electric Showroom Workers Portree

Anns an dealbh seo, chithear dithis bhoireannach neo-aithnichte a tha ag obair ann an Seòmraichean-taisbeanaidh Bhòrd an Dealain-uisge ann am Port Rìgh. Tha an Stòrr ri fhaicinn ri cùl na deilbh. Bha Bòrd an Dealain-uisge gu mòr airson 's gun ceannaicheadh daoine uidheam dealain oir bha dealan air tighinn don Eilean Sgitheanach agus dealan aig cha mhòr 2500 taigh ro 1953. A bharrachd air na seòmraichean taisbeanaidh a bh' aca, bhiodh am Bòrd cuideachd a' cur air dòigh taisbeanaidhean ann an tallachan ionadail.

Bha pròiseact Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba airson sgìre Loch Aillse stèidhichte ann an Drochaid Nosdaidh, sia mìle bho Chaol Loch Aillse. Thòisich an obair ann an 1946 às dèidh tachartas sònraichte gus a' chiad pòla dealain a chur suas sa Chèitean, agus thòisich an stèisean air dealan a chruthachadh ann an 1948. Bha dà dham anns na planaichean tùsail ach fhuaireadh a-mach nach robh an talamh freagarrach airson seo agus chaidh aon dam a thogail air Allt Gleann Udalain. Chaidh an loch-tasgaidh, dam agus stèisean cumhachd a thogail aig an aon àm ris an lìonra sgaoilidh dealain. Chaidh càballan fo-uisge thairis air Loch Dubhthaich, Loch Long, Loch Carrann agus Loch Aillse a thogail aig an aon àm cuideachd.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le Tòmas MacIain ann an Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de na duilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm tro bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhith air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd. Bhiodh cumhachd sam bith nach deach a chleachdadh leis an luchd-cleachdaidh seo air a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus na cosgaisean gus an dealan a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dhòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann a bhiodh a' cruthachadh dealan.

Bhathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a rachadh a reic air a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-obrach Seòmar-taisbeanaidh Bhòrd an Dealain-uisge, Port Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1950an

dealan-uisge; uidheam; seomar-taisbeanaidh; Port Righ;

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive