Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Doras Taobh, Stèisean Cumhachd Drochaid Nòsdaidh
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_16_001A
ÀITE
Drochaid Nòsdaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9235
KEYWORDS
dealan-uisge
Drochaid Nòsdaidh
suaicheantas
Neart nan Gleann
Side Door, Nostie Bridge Power Station

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn doras taobh Stèisean Cumhachd Drochaid Nòsdaidh faisg air Caol Loch Aillse. 'S e pàirt de shuaicheantas Bòrd Dealain-Uisge Ceann a Tuath na h-Alba a th' anns an t-suaicheantas os cionn an dorais, a chaidh a thoirt ann an 1944 le Àrd-Sheanachaidh na h-Alba airson an suaicheantas aca fhoillseachadh air pàipearan agus air togalaichean. Bha an suaicheantas na ìomhaigh air an dòigh anns an gabh cumhachd nàdarra a chleachdadh ann an seirbheis an duine. Tha dealanach sgiathach air an sgèith le lasraichean a' smàladh solas seann làmpa ola. Aig Stèisean Cumhachd Drochaid Nòsdaidh, tha a' bhliadhna 1948 air an t-suaicheantas, nuair a thòisich an stèisean a' cruthachadh cumhachd. Tha an sluagh-ghairm Neart nan Gleann a' ciallachadh cumhachd a' tighinn bho na glinn. Bha an suaicheantas air a chleachdadh gus an do dh'atharraicheadh an t-ainm gu Dealan-Uisge na h-Alba ann an 1991.

Chaidh Bòrd Dealain-Uisge Ceann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo Achd Leasachaidh Dealain-Uisge (Alba) 1943. Chuireadh am Bile air adhart ann an Taigh na Cumantan le Tòmas MacIain, a chur an cèill gum biodh seo na fhuasgladh do chuid de na duilgheadan a bha aig a' Ghaidhealtachd aig an àm, tro bhith a' cleachdadh "the great latent power of the region' gum biodh e na chuideachadh ann a bhith na leasachadh air duilgheadasan na Gàidhealtachd. Dh'innis MacIain do na Cumantan gum biodh agus gum bu chòir gum biodh, 'industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an tòisich agus an uair sin aig gnìomhachasan a bhathar an dùil a bhiodh a' cleachdadh tòrr mòr cumhachd, agus gum bhiodh cumhachd sam bith a bharrachd air a reic ris a' chliath nàiseanta. Bhiodh prothaidean bho bhith a' reic an dealain air a chleachdadh gus cosgaisean gus an dealain a chur gu àiteachan iomallach a chumail sìos agus gus cuideachadh le leasachaidhean sòisealta is eaconomach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' faicinn a' Bhùird mar dòigh gus a' Ghàidhealtachd ath-bheothachadh, agus chan ann a-mhàin mar bhuidhinn a bhiodh a' toirt dealan.

Thathar an dùil gum biodh toradh an stèisein cumhachd ann an Loch Slòigh, an iar air Loch Laomainn, a' frithealadh iarrtas ann an meadhan na h-Alba agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' phrothaid bho dhealan sam bith a bharrachd air seo a chleachdadh mar shubsadaidh do na sgeamaichean dealain ann am Mòrar agus Loch Aillse far nach robh e coltach gun dèanadh iad prothaid. B' e £4,600,000 prìs mheasraichte nan trì pròiseactan seo.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Doras Taobh, Stèisean Cumhachd Drochaid Nòsdaidh

ROS: Loch Aillse

1980an

dealan-uisge; Drochaid Nòsdaidh; suaicheantas; Neart nan Gleann

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive