Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taisbeanadh Dealain Uisge Shìldeig
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_17_001
ÀITE
Sìldeag
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9260
KEYWORDS
dealan-uisge
Sìldeag
bhan
taisbeanaidhean
Shieldaig Hydro-Electric Exhibition

Ann am meadhan nan 1950an bha eadhan na coimhearsnachdan as lugha agus na taighean as iomallaiche a' faighinn an dealain, le mìltean de loidhnichean agus pòlaichean dealain a' falbh gu ruige nan sgìrean as fhaide air falbh. A' dol an aghaidh bheachdan a nochd aig an àm gun robh muinntir na Gàidhealtachd toilichte gu leòr leis a' chrùisgean, leis an àireamh àrd de thaighean a bha ag iarraidh an dealain cho luath 's a ghabhadh, bha e na dhuilgheadas do Bhòrd-dealain Ceann a Tuath na h-Alba sgeamaichean dealan-uisge a thogail luath gu leòr.

A bharrachd air na seòmraichean taisbeanaidh an Caol Loch Aillse agus Port Rìgh, bha am Bòrd Dealain airson leigeil fhaicinn gun robh innealan cidsin is innealan còcaireachd ùra rim faighinn, agus chaidh iad a-mach gu coimhearsnachdan le taisbeanaidhean airson sealltainn mar a bha na h-innealan ag obrachadh, a' cur impidh air daoine an dealan a chleachdadh ann am beatha àbhaisteach. Mar bu trice dheigheadh na tachartasan seo, le taisbeanaidhean còcaireachd tric nam pàirt dhiubh, a chumail mar phàirt den fhosgladh oifigeil agus iad a' còrdadh gu mòr ris a' phoball. Ann an 1955, chaidh an dealan a chur air ann an Sìldeag, agus chithear an seo - a dh' aindeoin na h-aimsir, gu bheil sluagh air tighinn a-mach a dh'fhaicinn bhan a' Bhùird Dealain. Bha am Bòrd Dealain cuideachd airson sealltainn dè mar a dheigheadh an dealan a chur gu feum le croitearan, le taisbeanaidhean air rùsgadh chaorach, tàthadh, innealan agus acfhainn bleith gràinne. Bhiodh bùithtean a' Bhùird Dealain rim faicinn ann am bailtean na Gàidhealtachd air fad, agus iad a' reic mòran innealan agus acfhainn.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain aig Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhithth air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr mòr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhithth a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clas sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar dhòigh air a bhithth a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Slòigh, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh cumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhithth prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì phròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taisbeanadh Dealain Uisge Shìldeig

ROS: A' Chomraich

1950an

dealan-uisge; Sìldeag; bhan; taisbeanaidhean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive