Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Sealltainn Uidheam Dealan Uisge
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_17_004
ÀITE
Banbh
SGÌRE
Banbh
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9266
KEYWORDS
dealan-uisge
taisbeanaidh
innealan
Hydro Electric Demonstration

Ro mheadhan nan 1960an bha dealan ri fhaotainn leis a' mhòr-chuid de choimhearsnachdan air Ghàidhealtachd. Bha Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba èasgaidh gun deigheadh na ghabhadh de thaighean a uèireadh airson dealan agus gun deigheadh na h-innealan ùra dealain a chur annta. Bha bùth Dealan-uisge air Sràid Àrd cha mhòr sa h-uile baile, anns an robh taisbeanaidhean de na h-innealan sin agus mar a bhathas gan cleachdadh gu cumanta.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn taisbeanadh ann am Banbh. Mar as trice bhiodh na taisbeanaidhean seo a' tachairt ann an tallaichean ionadail, a bhiodh air an sgeadachadh airson an tachartais le brataichean agus clàir agus iad uile ag adhartachadh dealan-uisge. 'S e bratach le paidhleanan agus loidhnichean dealan-uisge a' dol air ais astar, sealladh a bha a' fàs gu math cumanta air Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, a bha na chùl-ionad airson an taisbeanaidh seo. Tha an sluagh mòr a' coimhead fhad 's a tha taisbeanaidhean de dh'innealan beag agus mòr air an sealltainn. A rèir coltais tha na boireannaich air an làimh dheis a' cleachdadh dhòighean nas sine agus loinidean làimhe, agus air an làimh chlì, a rèir coltais, na h-innealan dealain ùra na bu luaithe, a' dearbhadh beachd Bòrd an Dealain-uisge gu bheil dealan a' dèanamh chùisean fada nas fhasa.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain ann an Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid bho dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhith a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar inneal ann a bhith a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Slòigh, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a cleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì pròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,00

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Sealltainn Uidheam Dealan Uisge

1960an

dealan-uisge; taisbeanaidh; innealan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive