Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Flot Taisbeanaidh an Dealain-uisge
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_17_007
ÀITE
neo-aithnichte
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9270
KEYWORDS
Làraidh
taisbeanadh
1962
dealan-uisge
Bòrd Dealain Ceann a Tuath na h-Alba
Scottish Hydro-Electric plc
Southern Electric plc
Scottish and Southern Electric plc
1943
1989
1998
Hydro Electric Display Float

Sna 1960an, agus stèiseanan an dealain-uisge fhathast gan togail, agus dealan aig a' mhòr-chuid de choimhearsnachdan, bha Bòrd Dealain-uisge Alba a Tuath a' glacadh a h-uile cothrom ach an àrdaicheadh iad cleachdadh an dealain-uisge san dachaigh. San dealbh-chamara seo chithear flot air ullachadh airson spaidsearachd no fèill agus sealladh annasach air air mar a bhiodh e a' fuireach ann am bròg ach leis a h-uile goireas ùr, nam measg còcaire, tanc-uisge, inneal-nighe agus inneal-sguabaidh. Tha soighne mòr ag innse dhan a h-uile duine gur e a' phrìs chunbhalach gach seachdain ann an taigh nan ceithir rumannan dìreach 1/4d airson solais a-mhàin, no 6/3d airson uile-dhealan. Tha rabhdan ann mar 'The rates are cheap as you can see. In fact its quite amazing, That for less than 7 bob a week, You can have lights and cooker blazing'. Tha an làraidh, agus litrichean mòra os cionn cab an draibheir ag ràdh "Hydro Electric Board" le modail de thùr dealain air a mhuin agus suaicheantas Bòrd Dealain-uisge Alba a Tuath air an doras, a' cur air adhart an dealain mar ghoireas don h-uile là.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain aig Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhithth air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr mòr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhithth a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clas sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar dhòigh air a bhithth a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Slòigh, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh cumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhithth prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì phròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Flot Taisbeanaidh an Dealain-uisge

1960an

Làraidh; taisbeanadh; 1962; dealan-uisge; Bòrd Dealain Ceann a Tuath na h-Alba; Scottish Hydro-Electric plc; Southern Electric plc; Scottish and Southern Electric plc; 1943; 1989; 1998

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive