Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taibeanadh Dealan Uisge ann am Bucaidh
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_17_014
ÀITE
Bucaidh
SGÌRE
Bucaidh
DEIT
An t-Iuchar 1967
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9276
KEYWORDS
innealan
seòmraichean taisbeanaidh
cucairean
Hydro Electric Exhibition at Buckie

Ro mheadhan nan 1960an bha dealan ri fhaotainn leis a' mhòr-chuid de choimhearsnachdan air Ghàidhealtachd. Bha Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba air bùthan a stèidheachadh air an t-Sràid Àrd sa mhòr-chuid de bhailtean agus ghabh iad a h-uile cothrom gus bathar a chur air adhart agus a thaisbeanadh. Glè thric bha taisbeanaidhean a' sealltainn feartan nan innealan dealain ùra an cois nan taisbeanaidhean.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn taisbeanadh a chur 'Round Table' Bhucaidh air dòigh. Tha suaicheantas Bòrd Dealan-uisge Ceann a Tuath na h-Alba air a thaisbeanadh gu follaiseach le tartan air a chùlaibh, agus sreath de chucairean ùra spaideil air a bheulaibh. Bha innealan taighe na bu lugha mar choireachan, tostairean, iarainn agus measgaicheanan bìdh air an taisbeanadh air aon bhòrd agus bha diofar innealan àit'-obrach eile air an taisbeanadh mun coinneamh.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain ann an Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid bho dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhith a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar inneal ann a bhith a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Slòigh, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a cleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì pròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,00

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taibeanadh Dealan Uisge ann am Bucaidh

1960an

innealan; seòmraichean taisbeanaidh; cucairean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive