Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taisbeanadh an Dealain-uisge
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_17_015
ÀITE
neo-aithnichte
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9278
KEYWORDS
talla coimhearsnachd
taisbeanadh
dealan-uisge
Bòrd Dealain Ceann a Tuath na h-Alba
Scottish Hydro-Electric plc
Southern Electric plc
Scottish and Southern Electric plc
1943
1989
1998
Hydro Electric Demonstration

Fada sna 1950an agus a-steach do na 1960an bha tallannan bhailtean beaga gu tric trang le taisbeanaidhean air an cur suas le Bòrd Dealain-uisge Alba a Tuath. Aig an àm seo bha cothrom air cumhachd an dealain-uisge aig a' mhòr-chuid de choimhearsnachdan, agus bha mòran de mhuinntir nan coimhearsnachdan air taghadh gum biodh na taighean aca air an uèireadh airson an dealain. A dh'aindeoin cuid de na dùbhlain a bha air a bhith ann an toiseach an aghaidh leasachadh an dealain-uisge air a' Ghàidhealtachd, bha a' chuid a bu mhotha de na daoine ga iarraidh agus bha sùil aca air cho math 's a bhiodh e nan dachaighean is nan àiteachan obrach.

San dealbh-chamara seo chithear talla coimhearsnachd air a sgeadachadh le ròsan tartain agus flùraichean ùra, ach 's e fìor shealladh-meadhain an taisbeanaidh an cruinneachadh de dh'innealan ùr-nòsach. Tha an sluagh, boireannaich a tha sa chuid as motha dhiubh, a' coimhead fhad 's a tha na còcairean, measgadairean, tostairean agus uidheaman ùra eile air an sealltainn ag obair. B' e na taisbeanaidhean seo dòigh fhurasda anns am faiceadh mòran dhaoine dhaibh fhèin ciamar a bhiodh na h-innealan a' freagairt an taighean fhèin. Bhiodh reicean sna bùthan dealain-uisge ionadail a' dearbhadh am miann air na h-uidheaman dealain seo.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain aig Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhithth air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr mòr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhithth a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clas sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar dhòigh air a bhithth a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Slòigh, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh cumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhithth prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì phròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taisbeanadh an Dealain-uisge

1960an

talla coimhearsnachd; taisbeanadh; dealan-uisge; Bòrd Dealain Ceann a Tuath na h-Alba; Scottish Hydro-Electric plc; Southern Electric plc; Scottish and Southern Electric plc; 1943; 1989; 1998

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive