Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Hydro Electric Display

Sna 1960an, agus stèiseanan an dealain-uisge fhathast gan togail, agus dealan ann dhan a' mhòr-chuid de choimhearsnachdan, bha Bòrd Dealain-uisge Alba a Tuath a' glacadh a h-uile cothrom ach an àrdaicheadh iad cleachdadh an dealan-uisge san dachaigh. 'S iomadh taisbeanadh a bh' ann an tallannan coimhearsnachd a bha a' sealltainn nan innealan ùra seo agus an dòigh anns an cleachdadh iad. Bha bùth an Dealain-uisge, làn de na rudan ùra, na feart air prìomh-shràid cha mhòr a h-uile baile. San dealbh-chamara seo chithear taisbeanadh air a chàradh ann am pàirt de thalla coimhearsnachd. Tha taghadh mòr de dh'uidheaman ann, eadar còcairean, innealan-nighe, innealan-tiormachaidh, teasadairean, plaideachan is measgadairean, uile ann gum biodh beatha dhaoine na b' fhasa.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain aig Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid de dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, a bhithth air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr mòr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhithth a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clas sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar dhòigh air a bhithth a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Slòigh, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh cumhachd a bharrachd air a chleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhithth prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì phròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,000

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taisbeanadh Dealain Uisge Tallaichean Bhailtean

1960an

talla coimhearsnachd; taisbeanadh; dealan-uisge; Bòrd Dealain Ceann a Tuath na h-Alba; Scottish Hydro-Electric plc; Southern Electric plc; Scottish and Southern Electric plc; 1943; 1989; 1998

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive