Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taisbeanadh Uidheaman Dealain
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_17_017
ÀITE
neo-aithnichte
SGÌRE
neo-aithnichte
SIORRACHD/PARRAIST
NEO-AITHNICHTE
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9283
KEYWORDS
dealan-uisge
taisbeanaidhean
innealan
Hydro Electric Display

Ro mheadhan nan 1960an, le togail stèiseanan dealain-uisge leantainneach, agus le dealan ri fhaotainn sa mhòr-chuid de choimhearsnachdan, ghabh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a h-uile cothrom gus cleachdadh dealan san dachaigh adhartachadh. Bha taisbeanaidhean de na h-innealan ùra agus taisbeanaidhean den dòigh anns an robh iad air an cleachdadh cumanta ann an tallaichean coimhearsnachd ionadail, a thuilleadh air a' bhùth dealan-uisge a bha làn bathair a bha air Sràid Àrd a h-uile baile.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn talla ionadail sgeadaichte agus deiseil gus sealltainn feuman agus buannachdan innealan dealain. Tha na h-innealan as motha mar fridsichean, cucairean agus innealan nigheadaireachd nam feartan meadhain air an àrd-ùrlar agus aig beulaibh an talla. Tha bùird air an cur a-mach suas na taobhan gus innealan nas lugha mar tostairean, iarainn, loinidean agus lampaichean a thaisbeanadh. Bha na taisbeanaidhean seo a' toirt cothrom math dhan phoball gus faicinn dè na h-innealan a bha rim faotainn agus mar a bha iad a' dol an sàs ann an dachaighean agus àiteachan-obrach.

Chaidh Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba a stèidheachadh fo chumhachd Achd Leasachaidh Dealan-uisge (Alba) 1943. Chaidh am Bile a chur air adhart le fear Tòmas MacIain ann an Taigh nan Cumantan. Chuir e an cèill gum biodh e na fhuasgladh do chuid bho dhuilgheadasan a bha aig a' Ghàidhealtachd aig an àm le bhith a' cleachdadh 'comas mòr falaichte na sgìre' ('the great latent power of the region'). Dh'inns e do na Cumantan 'gum biodh agus gum bu chòir gum biodh gnìomhachasan, an dà chuid prìobhaideach is poblach, air an tàladh don Ghàidhealtachd mar thoradh air an leasachadh seo' ('industries, whether owned nationally or privately, will be and ought to be, attracted to locations in the Highlands, as a result of this measure'.)

Bhiodh prìomhachas aig luchd-caitheimh àbhaisteach an toiseach agus an uair sin aig an fheadhainn a bhathas an dùil a chleachdadh tòrr cumhachd. Dheigheadh cumhachd sam bith a bha air fhàgail a reic ris a' Ghriod Nàiseanta. Bhathas airson gun deigheadh prothaidean bho bhith a' reic an dealain seo a chleachdadh gus cosgaisean an lùib a bhith a' cumail dealan ri àiteachan iomallach a lùghdachadh agus gus cuideachadh a thoirt do leasachaidhean sòisealta is eaconamach air a' Ghàidhealtachd. Bha an clàs sòisealta ainmeil seo ag aithneachadh gun robhar a' coimhead air a' Bhòrd mar inneal ann a bhith a' toirt ath-bheothachadh air ceann a tuath na h-Alba, agus chan ann a-mhàin mar bhuidheann cruthachadh dealain.

Bhathar den bheachd gum biodh gu leòr cumhachd às an stèisean cumhachd air Loch Slòigh, taobh an iar Loch Laomainn airson na bha a dhìth ann am meadhan agus taobh an iar na h-Alba. Bhiodh a' chumhachd a bharrachd air a cleachdadh gus taic a thoirt do na pròiseactan aig Mòrar agus Loch Aillse air sgàth 's nach biodh e buailteach gum biodh e comasach do na sgeamachan seo a bhith prothaideach. Bha cosgaisean togail nan trì pròiseactan seo air a thomhas aig £4,600,00

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taisbeanadh Uidheaman Dealain

NEO-AITHNICHTE

1960an

dealan-uisge; taisbeanaidhean; innealan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive