Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taisbeanadh Uidheaman Dealain
EXTERNAL ID
GB232_RAMSAY_D893_1_17_019
ÀITE
neo-aithnichte
SGÌRE
neo-aithnichte
SIORRACHD/PARRAIST
NEO-AITHNICHTE
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
9287
KEYWORDS
dealan-uisge
inneal
Hoover
Hydro Electric Display

Ro na 1960an, tron lìonra de stèiseanan dealan-uisge a bhathas a' togail, bha dealan ri fhaotainn sa mhòr-chuid de dhachaighean air a' Ghàidhealtachd. Bha Bòrd Dealan-uisge Cheann a Tuath na h-Alba èasgaidh gun deigheadh na ghabhadh de thaighean a uèireadh airson dealan agus gun deigheadh na h-innealan ùra dealain a chur annta. Gus an cuireadh am poball eòlas air an iomadh seòrsa inneal agus uidheam a bha ri fhaotainn, chuir Bòrd an Dealain-uisge air dòigh taisbeanaidhean a bha a' sealltainn mar a bha innealan ag obair ann an tallaichean ionadail agus bha mòran dhaoine an làthair aca sin. Bha bùth dealan-uisge air an t-Sràid Àrd anns a' mhòr-chuid de bhailtean.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn uinneag bùtha le taisbeanadh de ghlanadairean-sùghaidh Hoover. Tha an t-soidhne a' brosnachadh dhaoine gun dàil a dhèanamh, 'innealan gan sealltainn ag obair an-dràsta' (machines being demonstrated now) agus ag ràdh gu bheil dachaigh ghlan saor o bhitheagan. Thòisich companaidh Hoover sna Stàitean Aonaichte tràth anns an fhicheadamh linn. Rinn Hoover raon farsaing de bhathar nam measg sin innealan nigheadaireachd, tiormaichearan, cucairean agus fridsichean, ach cha b' fhada gus an deach an t-ainm a cho-cheangal ris a' ghlanadair-sùghaidh. Leudaich companaidh Hoover dhan Rìoghachd Aonaichte ann am meadhan nan 1940an a' fosgladh factaraidh ann an Camas Long, agus a' stèidheachadh an àite gu daingeann sa mhargaid.

Taisbeanadh Uidheaman Dealain

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taisbeanadh Uidheaman Dealain

NEO-AITHNICHTE

1960an

dealan-uisge; inneal; Hoover

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

William J Ramsay Archive