Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leabhar-latha Sheumais Banks, Maighstir-sgoile ann an Gallaibh, 1839-1860 - mapa 2
EXTERNAL ID
GB1741_P451_P003_MAP
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH
DEIT
1860
LINN
1840an; 1850an; 1860an
CRUTHADAIR
James Banks
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn Ghallaibh
AITHNEACHADH MAOINE
9319
KEYWORDS
creideamh
eaglaisean
coitheanalan
briseadh na h-eaglais
soisgeulach
foghlum
foghlam
sgoiltean
sgoiltean eaglais
oideachadh

Chaidh an leabhar-latha seo a sgrìobhadh le James no Seumas Banks, maighstir-sgoile ann an Gallaibh eadar 1839 agus 1860.

Tha leabhar-latha Banks a' tòiseachadh ann an 1839 nuair a bha e a' fuireach ann an Dùn Èideann. Tha abairt san leabhar-latha o a làithean tràtha, ceann-latha 25mh Dàmhair 1839, nuair a tha e a' sgrìobhadh gu bheil e a' cur seachad ùine còmhla ri "another of the Normal Lads". O na facail seo tha e coltach gu robh Banks a' dèanamh treanadh mar thidsear aig sgoil den ainm 'the Normal and Sessional School of Edinburgh', air Sràid a' Mhargaidh. Sa Ghiblean 1840 ghluais e gu Inbhir Feisidh ann an Gallaibh gus an tòisicheadh e obair na mhaighstir-sgoile an sin agus san Dùbhlachd 1841, phòs e Eilidh Nic a' Mhuilleir à Pultneytown.

San Lùnastal 1843, ge ta, chaidh a chur às a dhreuchd ann an Inbhir Feisidh air sgàth, mar a chuir e fhèin e, "adhering to the Free Protesting Church of Scotland". Sa Chèitean 1843 dh'fhàg an treas pàirt de na ministearan Eaglais na h-Alba, agus cuideachd faisg air leth de na cothionalan aca, ach an cuireadh iad air bhonn Eaglais Shaor na h-Alba. 'S e tachartas mòr a bha seo, air a bheil Briseadh na h-Eaglaise, no an "Disruption" ann am Beurla, àm chudthromach ann an eachdraidh na h- Alba ùir. Tha leabhar-latha Banks a' toirt dhuinn beagan lèirsinn inntinneach air a' bhuaidh a dh'fhàg am Briseadh seo air beathannan dhaoine chumanta.

Ro àm Briseadh na h-Eaglaise ann an 1843, bha tòrr smachd aig Eaglais na h-Alba air sgoiltean Alba. Bha Seumas Banks air a threanadh a dhèanamh aig an Sgoil 'Normal agus Sessional' ann an Dùn Èideann, àite a bha air a ruith leis an 'General Assembly', b' e sin Àrd Sheanadh Eaglais na h-Alba, agus ann an Inbhir Feisidh bha e air a bhith a' teagasg aig sgoil a bha na "General Assembly school". Mar sin, nuair a cheangail e e fhèin ris an eaglais ùir, Eaglais Shaor na h-Alba, mar thorradh air sin chaill e obair, a thuarastal agus an taigh-sgoile far an robh e fhèin 's a theaghlach a' fuireach. San leabhar-latha an 23mh Màirt 1844 sgrìobh e, "Ever since my ejection I have lived at my father's house teaching for the last few weeks a few children who came in. My prospects of attaining another situation have been frequently blasted and the future is still very dark and sometimes I feel somewhat discouraged. But blessed be the name, I do not repent".

An dèidh greis dìomhain gun obair fhuair Banks cuireadh san Dàmhair 1845 a dhol a theagasg aig Sgoil na h-Eaglais Saoir ann an Ham, Gallaibh. Thog Eaglais Shaor na h-Alba ceudan de sgoiltean an dèidh a steidheachadh ann an 1843 agus b' e sgoil Ham tè dhiubh sin. Gu dearbh, ann an 1847 bha an Eaglais Shaor a' cumail a-mach gu robh barrachd air 44,000 sgoilearan gan teagasg sna sgoiltean ùra aca air feadh Alba.

Tha e coltach nach robh Banks ro thoilichte ann an Ham. San Dàmhair 1847 dh'innis e mar a chaidh a chur às a leth gun do rinn e ionnsaigh air gille san sgoil aige. Bha màthair a' ghille ag ràdh gu robh a mac "cut and his trousers torn" an dèidh do Bhanks dèideag a thoirt bhuaithe sa chlas. Sgrìobh Banks, "every influence has been used to stir the Minister, the people and even the very children against me". Chuir e a-steach iarrtas gun gabhadh a ghluasad gu sgoil ùr ach dh'fheumadh e fuireach ris an Lùnastal 1849 mus d' fhuair e a ghluasad gu Baile Dhubhthaich ann an Gallaibh.

Ach lean a dhroch fhortan ri Banks ann am Baile Dhubhthaich. Cha robh an sgoil ùr agus an taigh-sgoile ach letheach air an togail nuair a ràinig Banks 's an teaghlach, agus sgrìobh e nach robh aca an toiseach ach "only an old barn for both school and dwelling house". An dèidh dhaibh gluasad a-steach don taigh ùr aca, bhàsaich dithis den chloinn aig Seumas is Eilidh. Sgrìobh Banks na leabhar-latha gun tuirt dotair na sgìre gur e an taigh a bhith "cold and damp" a dh'adhbhraich bàs na cloinne.

San t-Samhainn 1850, fhuair Banks cuireadh do sgoil ùr agus ghluais an teaghlach a-rithist gu Cèis, far an do rinn Banks teagasg gus an do leig e dheth a dhreuchd san t-Samhainn 1873. Ghluais e an uair sin leis an teaghlach a Dhùn Èidinn.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leabhar-latha Sheumais Banks, Maighstir-sgoile ann an Gallaibh, 1839-1860 - mapa 2

GALLAIBH

1840an; 1850an; 1860an

creideamh; eaglaisean; coitheanalan; briseadh na h-eaglais; soisgeulach; foghlum; foghlam; sgoiltean; sgoiltean eaglais; oideachadh