Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Càrn Cùl ri Èirinn, Eilean Ì
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0001
ÀITE
Ì
SGÌRE
Muile
SIORRACHD/PARRAIST
ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9326
KEYWORDS
càirn
Colm Cille
manaich
manachainnean
Crìosdaidheachd
Carn Cull ri Eirinn, Iona

Tha an càrn ùr seo aig Càrn Cùl ri Èirinn, air mullach Druim an Aoineidh, Eilean Ì. Tha beul-aithris ag ràdh gun do thog Colm Cille càrn san àite seo an dèidh dha sreap suas an cnoc agus nach fhaiceadh e Èirinn. Agus 's ann air an adhbhar sin a chuir e 'Cùl ri Èirinn' air a' chàrn. Chaidh an dealbh seo a thogail le M.E.M. Donaldson sa chiad leth den 20mh linn.

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Càrn Cùl ri Èirinn, Eilean Ì

ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon

20l

càirn; Colm Cille; manaich; manachainnean; Crìosdaidheachd

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection