Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' dol a-steach do dh'Uaimh Fhìnn, Stafaigh
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0010
ÀITE
Stafa
SGÌRE
Muile
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Ninnein 's Cille Mhoire
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9342
KEYWORDS
Uaimh Fhìnn
Stafaigh
bàtaichean
Iseabal Bonus
Entering Fingal's Cave, Staffa

San dealbh seo chithear bàta beag a' dol a-steach am beul na h-uaimhe den ainm Uaimh Fhìnn. Tha an t-eilean ainmeil airson a cholbhan de chreag bhasalt agus tha an uamh fhèin air a bhith na h-ionad-brosnachaidh do dh'iomadh fear-ealain is fear-ciùil. Chaidh an dealbh a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson. Tha dithis fhear-bhàta sa gheòla agus cuideachd bana-chompanach Miss Donaldson, Iseabal Bonus.

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Tharraing a sàr bhana-charaid Iseabal Bonus iomadh dealbh loidhne do leabhraichean Màiri. Bhàsaich i ann an taigh-altraim an Dun Èideann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' dol a-steach do dh'Uaimh Fhìnn, Stafaigh

EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Ninnein 's Cille Mhoire

20l

Uaimh Fhìnn; Stafaigh; bàtaichean; Iseabal Bonus

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection