Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Crois Chill Chomain an Ìle
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0041
ÀITE
Cill Chomain
SGÌRE
Ìle
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cille Chòmain
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9416
KEYWORDS
Crois Chill Chomain
Ìle
snaidheadh
croisean
Tighearnas nan Eilean
Ballinaby
Beaton
Mac an Lèigh
Innse Ghall
dotairean
eaglaisean
Kilchoman Cross, Islay

Chaidh an dealbh seo a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson agus chithear ann Crois Chill Chomain a tha na seasamh sa chladh an Eaglais Pharaiste Chill Chomain an Ìle. 'S e eisimpleir àlainn de shnaidheadh nam meadhan-linntean on Ghàidhealtachd an Iar a th' innte, 's i a' tighinn on 14mh no 15mh linn. Tha sgrìobhadh air crann na croise ag innse gun deach a togail le Tòmas, mac Phàdraig, an dotair. Tha e coltach gur ann leis an teaghlach dhotairean oighreachail aig Tighearnan nan Eilean a bha Tòmas agus athair. 'S ann acasan a bha fearann aig Bail' an Abaidh faisg air làimh agus thug iad orra a-rithist ainm Beaton, no Peuton (Mac an lèigh (dotair) an Ìle, a-rèir faclair Dwelly).

Rugadh Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Crois Chill Chomain an Ìle

EARRA-GHÀIDHEAL: Cille Chòmain

20l

Crois Chill Chomain; Ìle; snaidheadh; croisean; Tighearnas nan Eilean; Ballinaby; Beaton; Mac an Lèigh; Innse Ghall; dotairean; eaglaisean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection