Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Còir-sgrìobhte Rìoghail Dèanta le Uilleam an Leòmhann (1165-1214) (Cùlaibh)
EXTERNAL ID
GB1796_2002_165_02
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1160an; 1170an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
943
KEYWORDS
cùmhnantan
laghail
lagh
sgrìobhainnean
còirean fearainn
seulaichean
baile-rìoghail
Royal Charter Issued by William the Lion (1165-1214) (Back)

Chaidh a' chòir-sgrìobhte rìoghail seo a chur a-mach le Uilleam an Leòmhann uaireigin roimh 1180. Ged nach b' ann do Inbhir Nis a-mhàin a bha i a' buntainn, bha i a' toirt chumhachdan do na bùirdeisich air fad sgìre Mhoireibh agus chaidh a h-aithneachadh le Seumas lll ann an 1464 mar sgrìobhainn aig an robh buaidh gu h-àraid air borgh Inbhir Nis.

Tha an dealbh a' sealltainn cùlaibh na sgrìobhainn.

'S i a' chiad chomharra a mhaireas fhathast de dh'Inbhir Nis na choimhearsnachd le fèin-riaghladh. Nuair a chaidh an achd seo a chur seachad, fhuair bùirdeisich Inbhir Nis an comas air ceartas aithghearr, saor, èifeachdach a dhèanamh dhaibh fhèin. Bhiodh connspaid sam bith a thaobh malairt agus fiachan air a shocrachadh ann an cùirtean a' bhuirgh fhèin agus chan ann le siorramaich an rìgh. Bha seo na chomharra gu robh Inbhir Nis, agus a h-uile borgh eile ann an Alba mar àiteachan le fèin-riaghladh, air ìre chudthromach nan leasachadh a ruighinn.

Gu h-eachdraidheil, b' e an t-siostam fiùdalach gu robh an rìgh gu h-àrd, agus b' ann aigesan a bha am fearann gu lèir, agus bhiodh e ga bhuileachadh a-nuas air na h-uachdarain is air luchd na h-eaglais aige, agus an luchd-tuatha aig a' bhonn. B' e luchd an rìgh cuideachd a bha sna bùirdeisich, ach bha bailtean caran eadar-dhealaichte bho nach robh iad a' freagairt siostam an fhearainn san aon dòigh. B' ann à còirean malairt, margaidhean is gnìomhachas a bha iadsan a' cosnadh, agus mar sin bha feum aig na bailtean air seata laghannan agus sochairean aca fhèin a bha a' soilleireachadh dè na còirean a bh' aca ann an siostam sòisealta far an robh a h-uile cail an crochadh air seilbh an fhearainn.

Ann am foillseachadh bho 1875 aig Teàrlach Friseal-Mac anTòisich, 'Invernessiana: Contributions Toward a History of the Town and Parish of Inverness, from 1160 to 1599' (dg 2), tha an sgrìobhainn air eadar-theangachadh on Laidinn thùsail mar seo:

[Airson beag-fhaclair de chuid de na briathran air an cleachdadh ann an sgrìobhainnean bhuirgh Inbhir Nis, feuch an lean sibh an ceangal faisg air bonn na duilleige seo.]

'William, by the grace of God, King of Scots, to all Sheriffs and Bailies of his whole land, Greeting - Know ye that I have granted this liberty to my Burgesses of Moray, that none whatever in my realm shall take a poinding for the debt of any one, unless for their own proper debt; Wherefore, I strictly forbid any one in my realm to take a poinding otherwise, upon my plenary prohibition. Witnesses - William de Hay, Philip de Valoniis, Richard my Clerk of the Prebend, at Bonkhill.'

Àireamh so-ruigsinn: INVMG 2002.165

Clàr-mìneachaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Còir-sgrìobhte Rìoghail Dèanta le Uilleam an Leòmhann (1165-1214) (Cùlaibh)

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1160an; 1170an

cùmhnantan; laghail; lagh; sgrìobhainnean; còirean fearainn; seulaichean; baile-rìoghail

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Inverness Burgh Documents (2)