Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leac uaighe, Manachainn Orasaigh
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0049
ÀITE
Orasaigh
SGÌRE
Diùra agus Colbhasa
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9436
KEYWORDS
leacan uaighe
ìomhaighean cloiche
Orasaigh
Manachainn Orasaigh
Augustinian
Tighearnas nan Eilean
Grave slab, Oronsay Priory

Chaidh an dealbh seo a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson agus chithear ann leac uaighe a tha a' fàs nas cuinge aig na casan agus snaidhte le dealbh duine is armachd air, clach thìodhlacaidh on 14mh no 15mh linn. Tha a' chlach na seasamh am broinn oir a' bhalla ann am Manachainn Orasaigh, tobhtaichean a tha nan seasamh air ceann an iar Eilein Orasaigh. Chaidh manachainn nan Augustinianach a chur air bhonn sa 14mh linn le Iain I, Tighearna nan Eilean, ach bha e na thobhta tràth san t-17mh linn.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leac uaighe, Manachainn Orasaigh

EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa

20l

leacan uaighe; ìomhaighean cloiche; Orasaigh; Manachainn Orasaigh; Augustinian; Tighearnas nan Eilean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection