- TIOTAL
- Gleann Canaich, faisg air ceann Loch Maol Àrdaich
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0068
- ÀITE
- Gleann Canaich
- SGÌRE
- An Àird
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Cill Mhòraig
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 9484
- KEYWORDS
- coilltean giuthais
giuthas
Gleann Canaich
Srath Glas
Loch Maol Àrdaich
dealan-uisge
dama
damaichean uisge
Gleann Afraig
Gleann Srath Farar

Tha an dealbh seo, a chaidh a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson, a' sealltainn Gleann Canaich, siorrachd Inbhir Nis, faisg air ceann Loch Maol Àrdaich. Tha Gleann Canaich na fhear de thrì glinn a' dol dhan iar ann an Srath Ghlas. 'S e na dhà eile Gleann Srath Farar agus Gleann Afraig. Ann am meadhan an 20mh linn, na phàirt de sgeama dealan-uisge Afraig/a' Mhanachainn chaidh uachdar Loch Maol Àrdaich a thogail 113 troighean nas àirde. Tha an dealbh seo a' sealltainn mar a bha an loch mus deach a dhèanamh nas àirde.
Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive