Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Coille giuthais nàdarra, Gleann Canaich
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0070
ÀITE
Gleann Canaich
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9489
KEYWORDS
coilltean
giuthas
Gleann Canaich
Srath Glas
Loch Maol Àrdaich
dealan-uisge
dama
damaichean uisge
Gleann Srath Farar
Gleann Afraig
Native pine woods, Glen Cannich

Tha an dealbh seo, a chaidh a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson, a' sealltainn choilltean giuthais nàdarra agus bheanntan ann an Gleann Canaich, siorrachd Inbhir Nis. Tha Gleann Canaich na fhear de thrì glinn a' dol dhan iar ann an Srath Ghlas. 'S e na dhà eile Gleann Srath Farar agus Gleann Afraig. Tha abhainn Chanaich a' dol tro Ghleann Canaich, a' dol gu Loch Maol Àrdaich agus an dama Dealan-Uisge as motha an Alba, a chaidh a dhèanamh sna 1950an. Aig àm a thogail bha iad glè chùramach gus nach biodh cus buaidh aige air an dùthaich mu thimcheall.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Coille giuthais nàdarra, Gleann Canaich

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

20l

coilltean; giuthas; Gleann Canaich; Srath Glas; Loch Maol Àrdaich; dealan-uisge; dama; damaichean uisge; Gleann Srath Farar; Gleann Afraig

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection