Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Chùil Lodair
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0077
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9505
KEYWORDS
Mary Ethel Muir Donaldson
Taigh Chùil Lodair
Donnchadh Foirbeis Chùil Lodair
Blàr Chùil Lodair
Seumasaich
carraighean-cuimhne
clachan-cuimhne
càirn
blàran
cathan
Am Prionnsa Teàrlach
Madadh-allaidh Bhàideanaich
Culloden House

Chaidh Taigh Chùil Lodair, Inbhir Nis, a thogail air a' chiad dol a mach do Artair Foirbeis de Chil Lodair anmoch san 18mh linn ach 's e taigh-òsta a th' ann an-diugh. Chaidh an dealbh seo dhen taigh a thogail sa chiad leth den 20mh linn.

'S e a' chiad chlàradh de thaigh air oighreachd Chùil Lodair faisg air Inbhir Nis mu 1323. Roimh dheireadh an 14mh linn bha e air a dhol gu làmhan Alasdair Stiùbhairt, 'Madadh-allaidh Bhàideanaich', mac as òige Raibeirt II. Chaidh an oighreachd do theaghlach Edmundson, do theaghlach Strachan agus do cheannard Chlann an Tòisich mus deach a cheannach le Teaghlach Fhoirbeis ann an 1576. 'S e muinntir dhaingeann na h-Eaglaise Clèireil a bh' ann an teaghlach Fhoirbeis agus air sgàth seo chaidh an oighreachd a chreachadh le na Seumasaich ann an 1688.

Ann an 1746 chaidh an taigh a chur fo òrdugh-solair aig a' Phrionnsa Teàrlach gus an cleachdadh e e airson fuireach ann agus airson a cheann-àite catha sna làithean ro Bhlàr Chùil Lodair. Às dèidh a' bhlàir chaidh an taigh a sgrios le Diùc Chumberland agus a shaighdearan mar dhìoghaltas.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Chùil Lodair

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

20l

Mary Ethel Muir Donaldson; Taigh Chùil Lodair; Donnchadh Foirbeis Chùil Lodair; Blàr Chùil Lodair; Seumasaich; carraighean-cuimhne; clachan-cuimhne; càirn; blàran; cathan; Am Prionnsa Teàrlach; Madadh-allaidh Bhàideanaich

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection