Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Stàballan an Rìgh', Mòinteach Chùil Lodair
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0084
ÀITE
Mòinteach Chùil Lodair
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9521
KEYWORDS
Blàr Chùil Lodair
Seumasaich
càirn
blàran
cathan
Stàballan an Rìgh
Stiùbhartaich
'King's Stables', Culloden Moor

Tha 'Stàballan an Rìgh' nan laighe ann an lagan dhen ainm Lagan an Stàbaill, faisg air Blàr Chùil Lodair, Siorrachd Inbhir Nis. Tha e air aithris gun deach dragùnaichean Dhiùc Chumberland an cur a dh'fhuireach an sin às dèidh a' bhlàir ann an 1746. Chaidh Stàballan an Rìgh a thoirt seachad do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba le Eachann Foirbeis Chùil Lodair ann an 1944.

Chaidh Cath Chùil Lodair a chur air an 16mh Giblein 1746 eadar luchd-taic Seumasach a' Phrionnsa Theàrlaich Eideard Stiùbhairt agus arm an Rìgh Hanòbharach Seòras II. 'S e ceann cùise de chogadh a bh' ann mu chreideamhan cràbhach agus poilitigeach a bha air cinneadh agus dùthaich a roinn. 'S e cho mì-riaraichte 's a bha daoine leis an dòigh riaghlaidh aig an Rìgh Caitligeach Seumas VII Alba agus II Shasainn a dh'fhàg cuireadh a' dol gu Uilleam Orains gus strì airson na rìgh-chathair agus a dh'fhàg Seumas a' teicheadh às don Fhraing. 'S e ar-a-mach nan Seumasach an 1745-46 ( am ' Forty-Five') an tè mu dheireadh de ghrùnn oidhirpean neo-bhuannachail gus teaghlach aosda nan Stiùbhartach a chur air ais air an rìgh-chathair.

Chaidh bratach nan Seumasach a thogail air an 19mh Lunasdail 1745 aig Gleann Fhionghain agus Teàrlach Eideard Stiùbhart air èigheachd na leas-rìgh agus athair na Rìgh Seumas VIII agus III. Thòisich an t-arm aige a' meàrrsadh gu ruig Lunnainn ach cha d'fhuair e na bha dùil de thaice ann an Sasainn. Chuir iad romhpa tilleadh don Ghàidhealtachd. Bha arm fo Uilleam Augustus, Diùc Chumberland, a bha na mhac as òige aig Rìgh Seòras II, gan ruith. Thàinig an dà arm an aghaidh a chèile air Mòinteach Dhruim Athaisidh (no Cùil Lodair mar a bha e an uairsin).

Bha an t-arm Seumasach na bu lugha ann an àireamh, air an droch uidheamachadh agus gann de dh'armachd-losgaidh agus de dh'eachraidh. Bha iad air meàrrsadh fad na h-oidhche roimhe air plòigh neo-shoirbheachail agus bha an t-acras orra (chaidh am biadh fhàgail an Inbhir Nis). A bharrachd air sin bha am fearann freagarrach don eachraidh agus do na gunnaichean mòra aig Cumberland agus gu tur mì-fhreagarrach don dòigh-cogaidh as fheàrr aig na Seumasaich - an ionnsaigh. Chaidh ruaig a chur air na Seumasaich taobh a-staigh uair a thìde.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Stàballan an Rìgh', Mòinteach Chùil Lodair

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

20l

Blàr Chùil Lodair; Seumasaich; càirn; blàran; cathan; Stàballan an Rìgh; Stiùbhartaich

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection