- TIOTAL
- Clachair ag obair air taigh na Mgdn NicDhòmhnaill
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0117
- ÀITE
- Sanna
- SGÌRE
- Àird nam Murchan
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 9546
- KEYWORDS
- taighean
togail
clachairean

Thogadh an taigh aig MEM NicDhòmhnaill, Sanna Bheag, eadar 1925 agus 1927. B' i fhèin a dhealbh e a' cleachdadh nan taighean eile san sgìre mar stiùireadh. Bha na ballachan de chloich às an sgìre agus bha mullach tughaidh air. B' cuinneagan air an cur bun os cionn a bha sna poitean shimileir. Chaidh an taigh na theine ann an 1947.
Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive