Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dùn Bheagain
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0129
ÀITE
Dùn Bheagan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9574
KEYWORDS
caistealan
cladaichean
cinnidhean
Dunvegan Castle

Tha dùil gum buin pàirt de Chaisteal Dùn Bheagain dhan 9mh linn ach chaidh a leasachadh anns gach linn o ghabh Clann IcLeòid thairis an caisteal anns na 1200an. Tha an caisteal 22 mhìle an iar air Port Rìgh san Eilean Sgitheanach air cladach Loch Dùn Bheagain. Tha Clann IcLeòid air a bhith ann an Dùn Bheagan faisg air ochd ceud bliadhna ach a-mhàin airson greiseag an dèidh gaiseadh a' bhuntàta. Rinn an ceann-cinnidh a th' ann an-dràsta còmhstri nuair a dh'fheuch ris A' Chuiltheann a reic airson airgead fhaotainn a phàigheadh airson an caisteal a chàradh. Cha do cheannaich duine e.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dùn Bheagain

INBHIR NIS: Diùirinis

20l

caistealan; cladaichean; cinnidhean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection