Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rathad tro Aird nam Murchan
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0147
ÀITE
Àird nam Murchan
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9611
KEYWORDS
rubhannan
rathaidean
cruth-tìre
Road through Ardnamurchan

Tha Rubha Aird nam Murchan a' sìneadh dhan iar à Suaineart. Tha Loch Suaineart ga sgaradh bho Rubha na Morbhairne agus Caol Muile bho Mhuile. 'S e Rubha Aird nam Murchan a' chuid as fhaide an iar de thìr-mò r Bhreatainn. Bha suidheachadh an rubha seo cudromach dhan luchd-tuineachaidh Lochlannach a thaobh dìon. Chumadh iad sùil air na bha a' dol ann am Muile, san Eilean Sgitheanach, air cladach Earra-ghàidheil agus anns na h-Eileanan Siar. Dh'fhalbh na Lochlannaich san 13mh linn agus chaidh am fearann an uair sin gu bhith na phàirt de chuid-seilbh fiùdalach Dhaibhidh II. Thug na Fuadaichean buaidh an seo cuideachd agus chaidh cuid an dèidh cuid dhen oighreachd a reic.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rathad tro Aird nam Murchan

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

20l

rubhannan; rathaidean; cruth-tìre

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection