Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Aird Tòirnis
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0169
ÀITE
Caisteal Àird Tòirnis
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: A' Mhorbhairne
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9664
KEYWORDS
caistealan
rabhaidhean
Ardtornish Castle

Tha Caisteal Aird Tòirnis air rubha a' stobadh a-mach a Chaol Mhuile. Tha iomradh air mar 'thaigh-talla' le dà ùrlar 's dòcha leis a' phrìomh àite-còmhnaidh air an ùrlar àrd. Bha an caisteal uair na ionad-còmhnaidh aig Tighearnan nan Eilean. B' e seo fear de shreath chaistealan, air gach taobh de Chaol Mhuile, om faighist air comharra rabhaidh a chur a-mach bho Chaisteal Mhìogharraidh (Aird nam Murchan) gu Caisteal Dhùn Ollaidh (faisg air an Oban) a bha còrr is 30 mìle air falbh. Tha an caisteal na thobhta an-diugh oir cha do shoirbhich le na planaichean airson a leasachadh san 19mh linn.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Aird Tòirnis

EARRA-GHÀIDHEAL: A' Mhorbhairne

20l

caistealan; rabhaidhean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection