Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cùirn
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0175
ÀITE
neo-aithnichte
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9675
KEYWORDS
clachan
comharran
beanntan
monadh
coiseachd a' mhonaidh
ceuman
Group of cairns

Tha cùirn cumanta air beanntan na h-Alba. Tha càrn air mullach a' chuid as motha de bheanntan a' comharrachadh a' mhullaich. Bidh cuid de luchd-coiseachd a' toirt clach leotha bho bhonn na beinne agus ga cur air a' chàrn air a' mhullach gus a' chuairt aca a chomharrachadh. Tha cùirn nas lugha air iomadh beinne airson an t-slighe a chomharrachadh. Chaidh cuid dhe na comharran-slighe seo a chur ann o chionn còrr is 100 bliadhna airson slighean a chomharrachadh do dhaoine a bha ag obair sna beanntan. Tha cuid dhiubh nas ùire agus tha iad a' comharrachadh slighean an 'luchd-turais' air na beanntan. Bidh luchd-sreap tric a' deasbad air dè cho feumail 's a tha na cùirn-chomharrachaidh seo.Tha cuid dhen bheachd gu bheil na cùirn a' dèanamh nam beanntan nas sàbhailte do luchd-coiseachd nach eil eòlach, tha cuid eile dhen bheachd gu bheil a' toirt air daoine a bhith ro dhàn mun comas air faighinn chun a' mhullaich.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cùirn

20l

clachan; comharran; beanntan; monadh; coiseachd a' mhonaidh; ceuman

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection