Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Lochan ann an Eige
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0183
ÀITE
An t-Eilean Eige
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9693
KEYWORDS
eileanan
beanntan
cruth-tìre
Lochan on Eigg

Is e eilean Eige an dàrna eilean as motha de na h-Eileanan Beaga agus tha e mu 7 mìle an iar air tìr-mòr. Tha dearbhadh ann gu robh sluagh air an eilean rè Linn an Umha agus Linn an Iarainn, gu robh Cruithnich a' fuireach ann agus gun deach an t-eilean a chleachdadh mar champa leis na Lochlannaich nuair a bha iad a' dèanamh malairt le Èirinn. Bha an t-eilean an uairsin fo smachd nan Dòmhnallach. Chaidh a' mhòr-chuid de shluagh an eilein a mharbhadh ann an Uaimh an Lèir-sgrios anns an t-16mh linn ri linn falachd eadar na Dòmhnallaich is na Leòdaich. Dh'fhulang na h-eileanaich cuideachd mar thoradh air an taic do na Seumasaich agus chaidh sluagh an eilein an lughad barrachd rè nam Fuadaichean. Reic Dòmhnallaich Eige an t-eilean anns na 1820an agus cha do rinn an t-sreath de dh'uachdarain neo-làthaireach a thàinig as an dèidh mòran airson na coimhearsnachd. Ann an 1997, cheannaich muinntir Eige an t-eilean air £2.5M. Tha cuibhreann de 50% leis a' choimhearsnachd agus 25% an urra aig Comhairle na Gaidhealtachd agus Urras Fiadh-bheatha na h-Alba.

Rugadh Màiri Ethel Muir NicDhòmhnaill (Donaldson) ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i mòran siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh an iar na Gàidhealtachd agus bhiodh i a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. Chaochail i ann an 1958. Tha an dealbh seo anns a' chruinneachadh aice

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Lochan ann an Eige

INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga

20l

eileanan; beanntan; cruth-tìre

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection