Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Achd a tha airson gum bi drochaid nan cìsean ann an Inbhir Nis, 1681 (samhla on 19mh linn) (Duilleag 2)
EXTERNAL ID
GB1796_2003_011_5
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
19th century
LINN
1680an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
970
KEYWORDS
drochaidean
cìsean rathaid
cìsean drochaid
Act in favour of bridge toll at Inverness, 1681 (19th-century copy) (Page 2)

Chaidh an t-seann drochaid cloiche thairis air Abhainn Nis a thogail eadar 1681 agus 1685. Ann an 1681, chaidh achd a dhèanamh a leig le beagan chìsean a bhith air an togail, fad naoi bliadhna deug, a chuidicheadh le cosgais an togail 's a' chumail suas. Ann an 1685 rinneadh achd eile a leig leis na cìsean beaga seo a bhith air an togail fhathast às dèidh deireadh nan naoi bliadhna deug. Tha an sgrìobhainn, sgrìobhte ann an làmh na 19mh linn, a' liostadh chùmhnantan na h-achd. Seo liosta de na cìsean cusbainn:

'for the space of nineteen years after the date hereof. Viz:- Six pennies of each Horseman, or horse and load, ffour pennies off each horse or Cow, and two pennies of each ffootman passing alongst the said Bridge.'

Tha an dealbh a' sealltainn Duilleag 2 na sgrìobhainn.

Bha seachd boghannan air an drochaid cloiche agus thuirt daoine gum b' ann bho chlach a' ghearastain leagte a thog Oilibhear Crombail, fhad 's a bha a shaighdearan a' fuireach ann an Inbhir Nis, a thàinig cuid de na clachan. San treas chas aig an drochaid, chaidh rùm cloiche fodha a thogail, le tomhas dìreach sia troighean a dh'àirde agus deich troighean thar seachd troighean de mheud, a ghabhadh a chleachdadh mar phrìosan. Chaidh an drochaid cloiche seo a sguabadh air falbh san dìle mhòir ann an 1849.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Achd a tha airson gum bi drochaid nan cìsean ann an Inbhir Nis, 1681 (samhla on 19mh linn) (Duilleag 2)

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1680an

drochaidean; cìsean rathaid; cìsean drochaid

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Inverness Burgh Documents (2)