Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Sgàbhaig
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0202
ÀITE
Loch Sgàbhaig
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9728
KEYWORDS
lochan
beanntan
dromannan
Loch Scavaig

'S e loch-mhara air taobh an iar dheas an Eilein Sgitheanaich a th' ann an Loch Sgàbhaig. Tha i a' fosgladh dhan Linne Sgitheanaich le Eilean Shòdhaigh chun an iar agus leth-eilean Srath na h-Àirde chun an ear. Tha i ainmeil airson nan sgualaichean garbha a dh'èireas gu h-obann ach is toigh le luchd-turais gu mòr a bhith ga tadhal. Tha an loch a' coimhead a-null gu druim A' Chuilthinn agus 's fhada o thòisich luchd-turais a' gabhail tlachd san turas-mhara thar Loch Sgàbhaig gu Loch Coir' Uisge.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Sgàbhaig

INBHIR NIS

20l

lochan; beanntan; dromannan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection