Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir mu na feachdan Spàinnteach a' tighinn air tìr ann an Loch Aillse, 1719 (Beulaibh)
EXTERNAL ID
GB1796_2003_014_1
DEIT
1719
LINN
1710an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
973
KEYWORDS
sgrìobhainnean
litrichean
Ar-a-mach nan Seumasach
Na Seumasaich
Blàr Ghleann Sheile
blàir
bataill
Letter regarding landing of Spanish troops at Loch Alsh, 1719 (Front)

Tha an litir seo, gun cheann-là agus air a sgrìobhadh le làmh dà dhiofar dhuine, mu dheidhinn nam feachdan Spàinnteach a thàinig air tìr ann an Loch Aillse ann an 1719.

Chaidh fios a chur gu na sgrìobhadairean mun ionnsaigh seo-tighinn ach chan eil tuilleadh aca ri ràdh air a' chùis. Ach tha iad ag ràdh gum faodadh iad sùil a chur mun cuairt air na falbhan 's na tighinnean agus gun leig iad fios gu Morair Clèireach a' Cheartais 'the moment we have any information that can be useful for the Government'.

Tha an dealbh a' sealltainn beulaibh na litreach.

An dèidh an Ar-a-mach Sheumasaich neo-shoirbheachail ann an 1715, rinneadh oidhirp eile a' chathair-rìoghail a ghlacadh ann an 1719, agus b' ann mar sin a fhuair e an t-ainm 'An t-Ar-a-mach Beag'. Chaidh an t-arm Seumasach a thogail le Camshron Loch Iall, le Iarla Shìphoirt agus leis a' Mhorair Seòras Moireach, agus thàinig mu 300 Spàinnteach, a ràinig Loch Aillse sa Ghiblean 1719, còmhla riutha. Rinn an fheachd mheasgte seo meàrrsadh gu ruig Gleann Seile agus choinnich iad feachd Hanòbhair an 10mh den Ògmhios. Ged a bha an dà thaobh gu math coltach a thaobh meud agus neart, chaill na Seumasaich agus chaidh an sgaoileadh. Tha cuimhn' air àrach a' bhlàir fhathast ann an ainmean an àite: an cnoc Sgurr nan Spàinnteach os a chionn agus Drochaid nan Spàinnteach cuideachd.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir mu na feachdan Spàinnteach a' tighinn air tìr ann an Loch Aillse, 1719 (Beulaibh)

1710an

sgrìobhainnean; litrichean; Ar-a-mach nan Seumasach; Na Seumasaich; Blàr Ghleann Sheile; blàir; bataill

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Jacobite Letters