Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-feachd Ruadhainn, Cinn a' Ghiùthsaigh
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0205
ÀITE
Taigh-feachd Ruadhainn
SGÌRE
Cinn a' Ghiùthsaich
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9732
KEYWORDS
feachdan
saighdearan
Seumasaich
rathaidean
caistealan
Ruthven Barracks, Kingussie

Tha tobhta Taigh-feachd Ruadhainn air bàrr tuim mu leth mhìle an earra-dheas air Cinn a' Ghiùthsaigh. Chleachd Caisteal Ruadhainn a bhith air an làraich seo agus bha e na dhaingneachd aig Alasdair Stiùbhart, Madadh Bhàideanaich.

Thog an riaghaltas an taigh-feachd an dèidh Aramach nan Seumasach ann an 1715 agus iad a' feuchainn ri smachd a chumail air muinntir na Gàidhealtachd. Bha na togalaichean deiseil ann an 1724 agus chuireadh crìoch air an taigh-faire agus na stàbaill deich bliadhna an dèidh sin. Tha trì dhe na rathaidean aig Seanalair Wade a' coinneachadh aig an taigh-fheachd. Chumadh an taigh-feachd 120 saighdear agus 28 each. Ghlac na Seumasaich an taigh-feachd , air an dara oidhirp, sa Ghearran 1746. An dèidh call aig Blàr Chuil Lodair, choinnich mu 3000 dhe na Seumasaich aig Ruadhainn 's iad an dùil cumail orra a' sabaid. Nuair a ràinig iad, bha brath romhpa bhon Phrionnsa Teàrladh ag iarraidh orra iad fhèin a chumail sàbhailte agus chuir iad teine ris an taigh-fheachd mus do sgaoil iad. Cha robh duine tuilleadh san taigh-fheachd agus chaidh e bho fheum.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-feachd Ruadhainn, Cinn a' Ghiùthsaigh

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

20l

feachdan; saighdearan; Seumasaich; rathaidean; caistealan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection