Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch an Eilein, faisg air Ràta Mhurchais
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0210
ÀITE
Loch an Eilein
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9745
KEYWORDS
lochan
craobhan
coille
Loch an Eilein, near Rothiemurchus

Tha Loch an Eilein ann an Coille Ràta Mhurchais mu thrì mìle deas air An Aghaidh Mhòir. Am meadhan na loch tha eilean beag le tobhta caisteil on 15mh linn. Bha an caisteal uaireigin na dhaingneachd aig Madadh Bhàideanaich. B' e seo cuideachd an t-àite mu dheireadh san robh iolairean-uisge a' neadachadh mus deach iad à bith ann am Breatainn airson faisg air 40 bliadhna.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch an Eilein, faisg air Ràta Mhurchais

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

20l

lochan; craobhan; coille

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection