Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir 'Annent the Commotions in the North', 1719 (Beulaibh)
EXTERNAL ID
GB1796_2003_015_1
DEIT
2 An Giblean 1719
LINN
1710an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)
AITHNEACHADH MAOINE
975
KEYWORDS
sgrìobhainnean
litrichean
Ar-a-mach nan Seumasach
Na Seumasaich
Blàr Ghleann Sheile
blàir
bataill
Letter 'Annent the Commotions in the North', 1719 (Front)

Chaidh an litir seo, leis a' cheann-là 2mh Giblean 1719, a chur gu oifigich bhuirgh Inbhir Nis le Morair Clèireach a' Cheartais, Anndra Cokburne (Àdhamh Cockburn, am Morair Ormiston). 'S e 'Annent the Commotions in the North' an tiotal a th' air agus tha e mu Ar-a-mach 1719 nan Seumasach.

Anns an litir tha Morair Clèireach a' Cheartais ag innse nach eil dùil aig a' Mhàidsear Seanailear Wightman saighdearan a th' air an cumail ann an Inbhir Nis an-dràsta a thoirt air falbh, ach 'at the same time is not in a condition to allow any greater number'. (B' e am Màidsear Seanailear Wightman an ceannard aig feachdan an Riaghaltais.)

Tha an dealbh a' sealltainn beulaibh na litreach.

An dèidh an Ar-a-mach Sheumasaich neo-shoirbheachail ann an 1715, rinneadh oidhirp eile a' chathair-rìoghail a ghlacadh ann an 1719, agus b' ann mar sin a fhuair e an t-ainm 'An t-Ar-a-mach Beag'. Chaidh an t-arm Seumasach a thogail le Camshron Loch Iall, le Iarla Shìphoirt agus leis a' Mhorair Seòras Moireach, agus thàinig mu 300 Spàinnteach, a ràinig Loch Aillse sa Ghiblean 1719, còmhla riutha. Rinn an fheachd mheasgte seo meàrrsadh gu ruig Gleann Seile agus choinnich iad feachd Hanòbhair an 10mh den Ògmhios. Ged a bha an dà thaobh gu math coltach a thaobh meud agus neart, chaill na Seumasaich agus chaidh an sgaoileadh. Tha cuimhn' air àrach a' bhlàir fhathast ann an ainmean an àite: an cnoc Sgurr nan Spàinnteach os a chionn agus Drochaid nan Spàinnteach cuideachd.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir 'Annent the Commotions in the North', 1719 (Beulaibh)

1710an

sgrìobhainnean; litrichean; Ar-a-mach nan Seumasach; Na Seumasaich; Blàr Ghleann Sheile; blàir; bataill

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis (stuth làmh-sgrìobhte)

Jacobite Letters