Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' coimhead a-null gu Spidean Mialach agusGleadhraich
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0213
ÀITE
Spidean Mialach; Gleadhraich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cinn Tàile
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9752
KEYWORDS
beanntan
monadh
lochan
munro
Looking over to Spidean Mialach and Gleouriach

Tha na beanntan ris an canar Spidean Mialach agus Gleadhraich ri taobh a chèile nan druim air an taobh tuath de Loch Chuaich. Tha coireachan air an taobh a tuath dhen druim agus leoidean rèidh feurach air an taobh a deas. Tha 3396 troigh a dh'àirde ann an Gleadhraich agus 3268 troigh ann an Spidean Mialach. Tha sin a' ciallachadh gur e Munro (beinn ann an Alba a tha nas àirde na 3000 troigh) a tha san dà beinn seo.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' coimhead a-null gu Spidean Mialach agusGleadhraich

ROS: Cinn Tàile

20l

beanntan; monadh; lochan; munro

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection