Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bearraidhean air Colbhasa
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0219
ÀITE
Colbhasa
SGÌRE
Diùra agus Colbhasa
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9767
KEYWORDS
eileanan
bearraidhean
cladaichean
Cliffs on Colonsay

Tha eilean Cholbhasa deas air Muile agus an iar air Diùra. Tha e ceangailte ri eilean beag Orasaigh aig a' cheann a deas. Gheibh duine air coiseachd air a' ghainmhich eadar an dà eilean nuair a tha an làn a-muigh. Tha talamh torrach ann an Colbhasa agus tha mòran lusan dùchasach a' fàs ann. Tha iomadh lus annasach is craobhan ann cuideachd a thugadh a-steach do Lios Chill Odhrain an dèidh dhan Mhorair Strathcona Colbhasa fhaotainn ann an 1905. Bha an t-eilean roimhe air a bhith aig Clann IcNèill, na Caimbeulaich, na Dòmhnallaich agus Clann a' Phì no na MacDuffies. Chithear na bearraidhean iongantach air taobh an iar an eilean san dealbh seo. Tha mòran eòin-mhara a' fuireach air na bearraidhean seo.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bearraidhean air Colbhasa

EARRA-GHÀIDHEAL: Colbhasa 's Orasa

20l

eileanan; bearraidhean; cladaichean

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection