Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port an Eilein, Ìle
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0232
ÀITE
Port an Eilein
SGÌRE
Ìle
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9796
KEYWORDS
lochan
eileanan
Tighearnas nan Eilean
riaghaltas
Finlaggan, Islay

Tha Port an Eilein ann an ceann a tuath Ìle mu thrì mìle an iar dheas air Port Asgaig. Tha trì eileanan beaga ann an Loch Phort an Eilein. 'S e Eilean Mòr as motha dhiubh sin. Tha tobhta caisteil is làrach tuineachaidh Thighearnan nan Eilean air an eilean sin. Tha Eilean Mòr ceangailte ri Eilean na Comhairle le cabhsair cloiche. Bhiodh comhairle Thighearnan nan Eilean a' coinneachadh air Eilean na Comhairle airson beachdachadh air cùmhnantan fearainn, binn lagha agus gus an t-sìth a chumail. Bha fearann Thighearnan nan Eilean a' gabhail a-steach nan eileanan agus cuid de thaobh an iar mòr-thìr na h-Alba bho Chinn Tìre gu Leodhas. B' e Port an Eilein cridhe an Tighearnais eadar an 12mh agus an 16mh linn.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port an Eilein, Ìle

EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh

20l

lochan; eileanan; Tighearnas nan Eilean; riaghaltas

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection