Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh na Creige, Diùra
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0234
ÀITE
Taigh na Creige
SGÌRE
Diùra agus Colbhasa
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Diùra
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9801
KEYWORDS
bailtean
eileanan
Craighouse, Jura

Tha Diùra an ear air Ìle. Tha caolas cumhang, An Caol Ìleach eadar an dà eilean. Tha mu 190 neach a' fuireach ann an Diùra agus mu 6000 fiadh. Chan eil ach aon rathad ann an Diùra agus tha an aon aiseag a' dol a Phort Asgaig ann an Ìle. 'S e Taigh na Creige am prìomh bhaile ann an Diùra. Tha e ann an ceann an ear dheas an eilein a' coimhead thar Eileanan Beaga Chaolas Dhiùra. Tha taigh-òsta, Oifis a' Phuist, bùth, talla, bunsgoilo, eaglais agus Taigh-staile Dhiùra ann an Taigh na Creige.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh na Creige, Diùra

EARRA-GHÀIDHEAL: Diùra

20l

bailtean; eileanan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection