- TIOTAL
- Dùn Trodan, Gleann Beag
- EXTERNAL ID
- GB1796_859_20_0242
- ÀITE
- Gleann Beag
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Gleann Eilg
- LINN
- 20l
- CRUTHADAIR
- M E M Donaldson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
- AITHNEACHADH MAOINE
- 9818
- KEYWORDS
- dùin
arc-eòlas

'S e Dùn Trodan fear dhe na trì dùin a tha sa Ghleann Bheag, deas air Gleann Eilg. Ged a tha e an ìre mhath na thobhta, tha mu 25 troigh dhe na ballachan fhathast ann. Tha na ballachan dùbailte le beàrn de 3 troighean eatarra. Bhiodh leacan mòra air a bhith air ùrlair nan gailearaidhean. Bhiodh daoine a' dol suas nan staidhrichean sa bhalla. Thathar dhen bheachd gun deach falbh leis a' chuid bu mhotha de chloich an dùin nuair a bha Taigh-feachd Bheàrnaraigh ga thogail ann an 1722.
Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.
Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive