Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Staidhre eadar na ballachan ann an Dùn Teilbh, Gleann Beag
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0245
ÀITE
Dùn Teilbh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9826
KEYWORDS
dùin
arc-eòlas
Intramural Stair, Dun Telve

Tha Dùn Teilbh air fear dhe na trì dùin a tha sa Ghleann Bheag, deas air Gleann Eilg. Tha tobhta an dùin air chumadh leth chearcaill agus tha cuid dhe na ballachan ann fhathast suas gu 30 troigh. Cleas Dhùn Troddan, a tha faisg air, bha togail dhùbailte air na ballachan le staidhrichean annta airson faighinn gu na gailearaidhean gu h-àrd. Thathar dhen bheachd gun deach falbh leis a' chuid bu mhotha de chloich an dùin nuair a bha Taigh-feachd Bheàrnaraigh ga thogail ann an 1722. A dh'aindeoin sin tha Dùn Teilbh air dùn cho math 's a mhair air tìr-mòr na h-Alba.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Staidhre eadar na ballachan ann an Dùn Teilbh, Gleann Beag

INBHIR NIS: Gleann Eilg

20l

dùin; arc-eòlas

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection