Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Càr Miss Donaldson ann an Gleann Bhorghdail
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0258
ÀITE
Gleann Bhorghdail
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9849
KEYWORDS
tuineachadh
càraichean
rathaidean
caistealan
Miss Donaldson's car in Glenborrodale

Tha Gleann Bhorghdail air Rubha Aird nam Murchan air cladach a tuath Loch Shuaineart. Seo a' chiad
tuineachadh air Rubha Aird nam Murchan. Chithear iolairean, dòbhrain agus ròin aig Tèarmann Comann Dìon nan Eun ann an Gleann Bhorghdail. Bha Caisteal Ghleann Bhorghdail uaireigin aig Jesse Boot a stèidhich a' bhùth chungaidhean Boots the Chemist.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Càr Miss Donaldson ann an Gleann Bhorghdail

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

20l

tuineachadh; càraichean; rathaidean; caistealan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection