Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' ghrian a' dol fodha aig Bàgh Shanna
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0270
ÀITE
Sanna
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9874
KEYWORDS
bàigh
tràghannan
cladaichean
grian
Sunset at Sanna Bay

Thogadh an dealbh seo aig Bàgh Shanna, tuineachadh beag, sgapte air Rubha Aird nam Murchan. 'S e tobhtaichean sheann taighean-croite agus taighean shaorlàithean as motha a th' ann. Tha am bàgh eadar Rubha Shanna gu tuath agus Rubha Aird nam Murchan gu deas.

Rugadh M.E.M. Donaldson ann an 1876 agus thàinig i dhan Ghàidhealtachd mu 1908. Rinn i tòrr siubhail ann an ceann a tuath agus air taobh siar na Gàidhealtachd a' sgrìobhadh agus a' togail dhealbhan. B' e Rubha Aird nam Murchan fear dhe na h-àitean a b' fheàrr leatha agus b' ann an sin a rinn i a dachaigh ann an Sanna ann an 1927.

Eadar 1912 agus 1949, sgrìobh Miss Donaldson iomadh leabhar mu eachdraidh shòisealta agus mu chleachdaidhean na Gàidhealtachd. 'S e 'Wanderings in the Western Highlands and Islands' agus 'Further Wanderings - Mainly in Argyll' as ainmeile agus tha dealbhan annta a rinn i fhèin. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' ghrian a' dol fodha aig Bàgh Shanna

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

20l

bàigh; tràghannan; cladaichean; grian

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection