Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dol fodha na grèine aig Sanna, Àird nam Murchan
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0278
ÀITE
Sanna
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9884
KEYWORDS
Sanna
Àird nam Murchan
damaichean
dealan-uisge
Earra-Ghàidheal
dol fodha na grèine
Sunset at Sanna, Ardnamurchan

San dealbh seo, a chaidh a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson, chithear sealladh aig àm dol fodha na grèine aig Sanna, Àird nam Murchan.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. 'S e fear de na h-àiteachan a b' fheàrr leatha Iar-eilean Àird nam Murchan agus 's ann an sin ann an Sanna a rinn i a daghaigh ann an 1927. Thog i taigh, a' cleachdadh seann dòighean is seann stuthan agus 's ann bho dham a rinn i dhi fhèin a-mhàin a fhuair i a cuid dealain.

Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre, agus nam measg thug i seachad cunntas air togail a dachaigh fhèin ann an Sanna. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dol fodha na grèine aig Sanna, Àird nam Murchan

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

20l

Sanna; Àird nam Murchan; damaichean; dealan-uisge; Earra-Ghàidheal; dol fodha na grèine

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection