Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Frith-rathad tro choilltean giuthais, Gleann Canaich
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0279
ÀITE
Gleann Canaich
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9887
KEYWORDS
Gleann Canaich
Loch Maol Àrdaich
dealan-uisge
dama
damaichean uisge
Gleann Afraig
Gleann Srath Farar
Track through pine woods, Glen Cannich

Tha Gleann Canaich na fhear de thrì glinn a' dol dhan iar ann an Srath Ghlas. 'S e na dhà eile Gleann Srath Farar agus Gleann Afraig. Tha Abhainn Chanaich a' dol tro Ghleann Canaich, a' dol gu Loch Maol Àrdaich agus an dama Dealan-Uisge as motha an Alba, a chaidh a dhèanamh sna 1950an. Aig àm a thogail bha iad glè chùramach gus nach biodh cus buaidh aige air an dùthaich mu thimcheall. Chaidh dealbh an rathaid seo sa ghleann a thogail sa chiad leth den 20mh linn.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Frith-rathad tro choilltean giuthais, Gleann Canaich

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

20l

Gleann Canaich; Loch Maol Àrdaich; dealan-uisge; dama; damaichean uisge; Gleann Afraig; Gleann Srath Farar

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection