Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fear a' phuist le litrichean ann an Gleann Canaich
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0285
ÀITE
Gleann Canaich
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhòraig
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9903
KEYWORDS
am post
litrichean
Gleann Canaich
Loch Maol Àrdaich
dealan-uisge
dama
damaichean uisge
Gleann Afraig
Gleann Srath Farar
Postman delivering mail in Glen Cannich

Chaidh an dealbh seo a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson, agus chì thu ann am post a' cur litrichean a-steach gu bogsa litrichean a th' air bruaichean coillteachail locha, ann an Gleann Canaich. Tha Gleann Canaich na fhear de thrì glinn a' dol dhan iar ann an Srath Ghlas. 'S e na dhà eile Gleann Srath Farar agus Gleann Afraig. Tha Abhainn Chanaich na ruith tro Ghleann Canaich, a' dol gu Loch Maol Àrdaich agus an dama Dealan-Uisge as motha an Alba, a chaidh a dhèanamh sna 1950an. Aig àm a thogail bha iad glè chùramach gus nach biodh cus buaidh aige air an dùthaich mu thimcheall.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fear a' phuist le litrichean ann an Gleann Canaich

INBHIR NIS: Cill Mhòraig

20l

am post; litrichean; Gleann Canaich; Loch Maol Àrdaich; dealan-uisge; dama; damaichean uisge; Gleann Afraig; Gleann Srath Farar

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection