Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tobhtaichean Chaisteal Àird Chonaill, Loch Odha
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0293
ÀITE
Innis Chonaill
SGÌRE
Ceann a Deas Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cille Chrèanain 's Dail Abhaich
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9922
KEYWORDS
Caisteal Àird Chonaill
Loch Odha
Eilean Innis Chonaill
Caimbeulaich
sluagh-ghairm
Ruins of Ardchonnel Castle, Loch Awe

Chaidh an dealbh seo a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson, agus chì thu ann tobhta talla mhòr nam fleadh air a chòmhdach le eidheann ann an Caisteal Àird Chonaill, Eilean Innis Chonaill, Loch Odha, Earra-Ghàidheal. 'S e daingneachd le Clann Chaimbeul a bh' ann uaireigin agus tha e air aithris gur ann às an seo a bhiodh iad ag èigheachd an sluagh-ghairm chliùiteach aca, 'It's a far cry to Lochow' /'S fhad a' ghairm gu Loch Odha' (Ordnance Gazetteer of Scotland, 1882-1885, le Francis H. Groome).

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tobhtaichean Chaisteal Àird Chonaill, Loch Odha

EARRA-GHÀIDHEAL: Cille Chrèanain 's Dail Abhaich

20l

Caisteal Àird Chonaill; Loch Odha; Eilean Innis Chonaill; Caimbeulaich; sluagh-ghairm

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection