Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clachan ann an Àird nam Murchan, agus taigh dubh
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0308
ÀITE
Àird nam Murchan
SGÌRE
Àird nam Murchan
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9953
KEYWORDS
Àird nam Murchan
taighean dubha
taigh tughaidh
taigh dubh
tughadh
clachanan
oirthir
aoigheachd
Ardnamurchan settlement, with blackhouse

Chaidh an dealbh seo a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson, agus chì thu ann clachan ann an Àird nam Murchan. Ris an aghaidh chithear eisimpleir de thaigh dubh. 'S e taighean sìmplidh aon-lobhta le tughadh air a' mhullach a bh' anns na taighean dubha. Chaidh an togail ann an dòigh gus dìon a dhèanamh an aghaidh droch aimsir. Ann an aimsir bhrèagha bhiodh na daoine glè thric a' fuireach a-muigh. 'S ann le feur, fraoch, sràbh eòrna no luachair a chaidh an tughadh a dhèanamh, a-rèir an stuth a bha ri lorg mun cuairt air an sgìre. Gus an teas a b' fheàrr a thoirt don h-uile duine a-staigh, chaidh an teine a sheatadh am meadhan an làir.

Cha bhiodh doras taigh dubh air a ghlasadh uair sam bith oir bha na Gàidheil den bheachd gu robh e mar uallach orra fàilte a chur air srainnsearan agus aoigheachd a thoirt seachad do chàirdean agus do nàbaidhean. Mar sin bhiodh iuchair na chomharra air mì-aoigheachd agus spìocaireachd.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clachan ann an Àird nam Murchan, agus taigh dubh

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird nam Murchan

20l

Àird nam Murchan; taighean dubha; taigh tughaidh; taigh dubh; tughadh; clachanan; oirthir; aoigheachd

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection