Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne, baile Ghlinn Comhainn
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0318
ÀITE
Gleann Comhann
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9980
KEYWORDS
Gleann Comhann
carraighean-cuimhne
càirn-cuimhne
MacIain
Clann Dòmhnaill
Dòmhnallaich
Clann Chaimbeul
Caimbeulaich
Murt Ghlinn Comhainn
MacDonald Monument, Glencoe Village

Chaidh an dealbh seo a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson, agus chì thu ann a' charragh-cuimhne ann am baile Ghleann Comhainn. Chaidh a' charragh seo a thogail ann an 1883 leis a' Bh ph Eilidh Burns Dhòmhnallach à Gleann Comhann mar urram do a sinnsearan a chaidh a mharbhadh.

Tha Gleann Comhann ainmeil airson a' mhuirt a thachair an sin sa gheamhradh an 1692. Fo cheannard Caiptean Raibeart Caimbeul à Gleann Lìobhann, thòisich saighdearan Caimbeulach a' marbhadh nan Dòmhnallach, luchd nan taighean aoigheil, mar dhìoghaltas air cho fada 's a bha an ceann-feadhna, Alasdair MacIain, gun a bhith a' guidhe a dhìlseachd do Rìgh Uilleam III.

Aig briseadh an là air 13mh Gearrain chaidh òrdugh a thoirt seachad do na fir Caimbeulach - 'putt all to the sword under seventy'. Chaidh trithead 's a h-ochd duine am marbhadh san t-seasamh bonn ach bhàsaich feadhainn eile a-rithist le dìth-fasgaidh. Tha daoine cho nimheil mun mhurt air sgàth gun do bhris e dòighean-obrach aoigheachd na Gàidhealtachd: bha muinntir Chlainn Dòmhnaill air aoigheachd a thoirt do na fir Caimbeulach fad làithean mus do rinn iad am murt.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne, baile Ghlinn Comhainn

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

20l

Gleann Comhann; carraighean-cuimhne; càirn-cuimhne; MacIain; Clann Dòmhnaill; Dòmhnallaich; Clann Chaimbeul; Caimbeulaich; Murt Ghlinn Comhainn

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection