Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh tro Ghleann Comhann
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0319
ÀITE
Gleann Comhann
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9982
KEYWORDS
Gleann Comhann
Aonach Eagach
Buachaille Eitibh Mòr
luchd-coiseachd
coiseachd nam beanntan
luchd-sreap
beanntan
View through Glencoe

Tha Gleann Comhann a' ruith dhan àird an ear o thràighean Loch Lìobhain gu Mòinteach Rainich. Tha druim an Aonaich Eagaich a' lìonadh taobh a tuath a' ghlinn, agus tha cuid den bheachd gur e seo an t-àite as duilghe a dhìreadh air làmhan is casan air feadh tir-mòr Alba. Tha an taobh a deas nas ìsle agus Bidean nam Bian ga lìonadh, agus Buachaille Èite Bheag na shìneadh air ais gu ruig Gleann Èite agus Buachaille Èite Mhòr air an taobh a deas uachdrach. Tha luchd-coiseachd is luchd-sreap nam beanntan glè dhèidheil air an sgìre.

Chaidh an dealbh seo a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson, agus chì thu ann sealladh sìos tro Ghleann Comhann, agus Aonach Eagach air an taobh a deas, agus dhà de na 'Triùir Pheathraichean' air an taobh chlì.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh tro Ghleann Comhann

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

20l

Gleann Comhann; Aonach Eagach; Buachaille Eitibh Mòr; luchd-coiseachd; coiseachd nam beanntan; luchd-sreap; beanntan

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection