Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clachan na thobhtaichean, Inbhir iogain, Gleann Comhann
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0320
ÀITE
Inbhir Iogain
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9985
KEYWORDS
Gleann Comhann
Bidean nam Bian
Aonach Eagach
Buachaille Eitibh Mòr
tobhtaichean
clachanan
beanntan
luchd-coiseachd
luchd-sreap
Ruined cottage, Inveriggan, Glencoe

Chaidh an dealbh seo a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson, agus chì thu ann sealladh de chlachan na thobhtaichean aig Inbhir Iogain, Gleann Comhann, agus Bidean nam Bian agus Aonach Eagach ris a' chùl.

Tha Gleann Comhann a' ruith dhan àird an ear o thràighean Loch Lìobhain gu Mòinteach Rainich. Tha druim an Aonaich Eagaich a' lìonadh taobh a tuath a' ghlinn, agus tha cuid den bheachd gur e seo an t-àite as duilghe a dhìreadh air làmhan is casan air feadh tir-mòr Alba. Tha an taobh a deas nas ìsle agus Bidean nam Bian ga lìonadh, agus Buachaille Èite Bheag na shìneadh air ais gu ruig Gleann Èite agus Buachaille Èite Mhòr air an taobh a deas uachdrach. Tha luchd-coiseachd is luchd-sreap nam beanntan glè dhèidheil air an sgìre.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clachan na thobhtaichean, Inbhir iogain, Gleann Comhann

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

20l

Gleann Comhann; Bidean nam Bian; Aonach Eagach; Buachaille Eitibh Mòr; tobhtaichean; clachanan; beanntan; luchd-coiseachd; luchd-sreap

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection