Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clachan na thobhtaichean, Inbhir iogain, Gleann Comhann
EXTERNAL ID
GB1796_859_20_0324
ÀITE
Inbhir Iogain
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
LINN
20l
CRUTHADAIR
M E M Donaldson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)
AITHNEACHADH MAOINE
9994
KEYWORDS
Gleann Comhann
carraighean-cuimhne
càirn-cuimhne
MacIain
Clann Dòmhnaill
Clann Chaimbeul
Murt Ghlinn Comhainn
Ruined cottage at Inveriggan, Glencoe

Chaidh an dealbh seo a thogail sa chiad leth den 20mh linn le M.E.M. Donaldson, agus chì thu ann sealladh de chlachan na thobhtaichean aig Inbhir iogain, Gleann Comhann, fear de na prìomh àiteachan far an do thachair murt Ghlinn Comhainn. Fo cheannard Caiptean Raibeart Caimbeul à Gleann Lìobhann, thòisich saighdearan Caimbeulach a' marbhadh nan Dòmhnallach, luchd nan taighean aoigheil, mar dhìoghaltas air cho fada 's a bha an ceann-feadhna, Alasdair MacIain, gun a bhith a' guidhe a dhìlseachd do Rìgh Uilleam III.

Chaidh òrdugh a thoirt seachad do na fir Caimbeulach - 'putt all to the sword under seventy'. Chaidh ochd duine deug air fhichead a mharbhadh an seasamh nam bonn ach bhàsaich feadhainn eile a-rithist le dìth-fasgaidh. Tha daoine cho nimheil mun mhurt air sgàth 's gun do bhris e dòighean-obrach aoigheachd na Gàidhealtachd: bha muinntir Chlainn Dòmhnaill air aoigheachd a thoirt do na Caimbeulach fad làithean mus do rinn iad am murt.

Rugadh tè nan dealbhan-camara, Mary Ethel Muir Donaldson ann an 1876 agus thàinig i don Ghàidhealtachd mu 1908. Shiubhail i fad is farsaing air a' Ghàidhealtachd an iar agus a tuath, a' sgrìobhadh is a' togail dhealbhan. Eadar 1912 is 1949 sgrìobh i iomadh leabhar air dualchasan agus eachdraidh shòisealta na sgìre. Chaochail i ann an taigh-eiridinn ann an Dùn Èideann ann an 1958 agus chaidh a tìodhlacadh anns an Òban

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Highland Photographic Archive

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clachan na thobhtaichean, Inbhir iogain, Gleann Comhann

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

20l

Gleann Comhann; carraighean-cuimhne; càirn-cuimhne; MacIain; Clann Dòmhnaill; Clann Chaimbeul; Murt Ghlinn Comhainn

Tasglann Dhealbhan-camara na Gàidhealtachd (IMAG)

M E M Donaldson Collection